Skip to content

A’ bruidhinn gu pearsanta

Aithghearrachd

Tha na pàtrain a leanas air an cleachdadh airson a bhith a’ bruidhinn gu pearsanta:

Mi, thu/tu, e, i, sinn, sibh, iad.

  • Mise, thusa/tusa, esan, ise, sinne, sibhse, iadsan.                                         
  • Mi fhèin/fhìn, thu fhèin, e/i fhèin, sinn fhèin/fhìn, sibh fhèin, iad fhèin.

Tha mo cheann goirt.

  • Dh’fhàg i a seacaid.                                                                                                     
  • Mo chàr(-sa), do chàr(-sa), a chàr(-san), a càr(-se), ar càr(-ne), ur càr(-se), an càr(-san).
  • M’ ad, d’ fhàinne.

An càr agam

  • An taigh agad.  An t-seacaid aice.                                                                  
  • Agam(sa), agad(sa), aige(san), aice(se), againn(e), agaibh(se), aca(san).

Cas a’ bhalaich

  • Còta Chaluim.   Còta Maireid.

An leabhar aig a’ bhalach

  • An càr aig Calum.  An còta aig Màiread.

Tha càr ùr aig Calum.

  • Tha seacaid ghorm aig Catriona. 
  • Tha còta ùr agam.

‘S ann le Màiri a tha am baga sin.

  • An ann leis a’ bhoireannach sin a tha an còta seo?
  • An ann leatsa a tha e?
  • Tha a’ bhonaid sin le Uilleam.

Leam(sa), leat(sa), leis(-san), leatha(se), leinn(e), leibh(se), leotha(san).

A bheil thu ag iarraidh lioft na mo chàr-sa?

Còmhla rim bhràthair.

 


© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024