Skip to content

Mi, thu/tu, e, i, sinn, sibh, iad

Mìneachadh

Tha na faclan a leanas a’ seasamh airson dhaoine no rudan:

  • mi, thu/tu, e, i, sinn, sibh, iad
  • mise, thusa/tusa, esan, ise, sinne, sibhse, iadsan
  • mi fhèin/fhìn, thu/tu fhèin, e/i fhèin, sinn fhèin/fhìn, sibh fhèin, iad fhèin.

[Tha na riochdan san dara is an treas loidhne air an cleachdadh gus cuideam a chur air mi, thu …]

Tha diofar dhòighean anns a’ Ghàidhlig air innse cò dham buin rud.  ’S e aon dhiubh a bhith a’ cleachdadh mo, do, a/a h-, ar/ar n-, ur/ur n-, an/am ron fhacal:

  • mo cheann (mi), m’ ad, do chluas (thu), d’ fhàinne, a chòta (e), a seacaid (i), a h-ad (i), ar dachaigh (sinn), ur taighean (sibh), an leabhraichean (iad), am bagannan (iad).

[Tha toiseach nam faclan air an atharrachadh às dèidh mo, do agus a (e).]

Tha an riochd a leanas a’ cur taic ri mo, do …:

  • mo chàr-sa, do chàr-sa, a chàr-san, a càr-se, ar càr-ne, ur càr-se, an càr-san.

[Tha –sa, -se … agus fhèin/fhìn air an cleachdadh cuideachd ann am pàtrain mar: ri mo thaobh-sa, gur fàgailse, mo dhachaigh fhèin/fhìn.]

 Tha agam, agad, aige, aice, againn, agaibh, aca air an cleachdadh an àite mo, do … anns a’ phàtran a leanas:

  • An càr agam
  • An taigh agad
  • An t-seacaid aice

Agam(sa), agad(sa), aige(san), aice(se), againn(e), agaibh(se), aca(san).  

 [Tha an t-alt (an/am, a’, an t-, na) an-còmhnaidh còmhla ris an fhacal sa phàtran seo.]

Airson innse mu rud a bhuineas do neach eile (seach mi, thu …), tha dà phàtran a ghabhas cleachdadh:

  • cas a’ bhalaich                                                                                                              
  • làmh Chaluim                                                                                                          
  • còta Màireid

Agus le aig:

  • an leabhar aig a’ bhalach                                                                                         
  • an càr aig Calum                                                                                                           
  • an còta aig Màiread.

 [Chan eil toiseach ainmean bhoireannach, mar Mairead, ag atharrachadh mar as trice sa chiad phàtran. Tha an t-alt (an/am, a’, an t-) an-còmhnaidh ron chiad fhacal (càr, còta) san dara pàtran. Ma tha an t-alt anns a’ chiad phàtran, tha e a’ dol leis an dara facal a-mhàin.   Bu chòir na riochdan mo/do … agus cas a’ bhalaich a cleachdadh airson rudan a tha nam pàirt de neach (mar cas) ach faodar an cleachdadh airson rudan eile cuideachd.]

 


© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024