Skip to content

Obair ìre 2

Bha dùil agam a dhol ann ach ‘s ann a chaidh mi dhachaigh

Gnìomh

Role-play
Chaidh do phlana atharrachadh! Dèan suas liosta le diofar àiteachan agus feumaidh na sgoilearan dà àite a thaghadh – aon far an robh dùil aca a dhol agus aon far an deach iad.

Feumaidh iad adhbhar a dhèanamh suas a’ mìneachadh carson nach deach iad dhan a’ chiad àite agus rud neònach a thachair san àite dhan deach iad. Feumaidh iad pàtran na seachdain a chleachdadh.

Faodaidh tu caractaran agus àiteachan à sgeulachd shònraichte a chleachdadh.
Faodaidh tu seo a dhèanamh mar dhràma no sgrìobhadh.
me

(Mar role-play)

Sgoilear 1:  Carson nach robh thu aig a’ chèilidh a-raoir. Thuirt thu gun robh thu a’ dol a thighinn ann.

Sgoilear 2:  Na bi fiadhaich, bha dùil agam a dhol ann ach ’s ann a chaidh mi dhan taigh-tasgaidh.

Sgoilear 1:  Dhan taigh-tasgaidh! Carson?

Sgoilear 2:  Uill… msaa

 

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024