Skip to content

Obair ìre 1

‘S e, an e, chan e, an e; ‘s e Màiri a tha ann, chan e Anna; ‘s e Iain a rinn sin; ‘s ann, an ann, chan ann; ‘s ann an seo a thachair e

Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran

Nuair a tha iad ag obair ann am buidhnean, faodaidh tu ceistean fhaighneachd dhaibh mar a leanas.

”An e Iain a tha gu bhith a’ sgrìobhadh?”
“An ann a’ ceartachadh a tha Anna?”
“An e Màrtainn a thuirt sin?

 


Gnìomh

Duilleag-obrach (Dè thuirt thu 2?)
Cò rinn dè?

 


Cothroman tar-churraicealaim

Matamataigs

Graphic: Transport methodsRannsachadh Sìmplidh

Faodaidh na sgoilearan rannsachadh sìmplidh a dhèanamh anns a’ chlas a’ clàradh ciamar a thàinig iad dhan sgoil. Feumaidh iad pàtran na seachdain a chleachdadh.

“An ann air a’ bhus a thàinig thu dhan sgoil an-diugh?” msaa

Faodaidh iad graf a dhèanamh aig an deireadh.

 

Òrain agus rannan (Dè thuirt thu?)

Na maragan aig Ruairidh

 

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024