Skip to content

Obair ìre 1

Is/Is e/’s e/an e/chan e; is mise Màiri; ‘s e seo mo phiuthar; sin mo pheansail

Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran

A’ dèanamh còmhradh air a’ bhiadh / dèideag / prògram / cuspair / còmhlan-ciùil as fheàrr leotha.
“’S e Girls Aloud an còmhlan-ciùil as fheàrr leam.”
“’S e isbeanan am biadh as fheàrr leam.”


 

Gnìomh

Geama Kim

Leudachadh
Mar gu h-àrd ach a’ cleachdadh faclan litreachaidh no faclan cumanta.

me

Graphic: Cleachdadh faclan

“An e ‘thuirt’ a thug thu air falbh?”
“’S e, ciamar a tha thu ga litreachadh?”
“T-H-U-I-R-T”

 

Cò am fear an conadal?
Cuir liosta de facail suas air a’ bhòrd gheal agus faighnich do na sgoilearan:

“Cò am fear an conadal?”

Feumaidh na sgoilearan adhbhar a thoirt seachad air ciamar a thagh iad am fear sin.  ’S dòcha gum bi aon fhreagairt follaiseach ach dh’fhaodadh fear eile a bhith ceart cuideachd cho fad  ’s a tha iad a’ mìneachadh carson.
me

curran         plumais     uinnean     càl            snèap

 

“’S e ‘plumais’ am fear conadal.”

(’S e ‘plumais’ am freagairt follaiseach air sgàth gur e meas a th’ ann agus ’s e glasraich a th’ anns an fheadhainn eile ach tha freagairtean eile ann cuideachd: ‘uinnean’ oir tha e a’ tòiseachadh le fuaimreag msaa)

 

 

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024