Skip to content

Obair ìre T

‘S e feòrag a tha ann; ‘s e caisteal a bha [an] sin uaireigin; ‘s e poileas a tha ann am Murchadh; ‘s e eaglais a bha anns an togalach sin ron a seo; ‘s e poileas a bha annam; annam, annad, ann, innte, annainn, annaibh, annta

Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran

Bruidhinn air na làithean.
“Dè an latha a th’ ann an-diugh?”  “An e Diciadain a th’ ann an-diugh?”

A’ leughadh leabhraichean agus a’ coimhead air na dealbhan.
“Dè tha seo?”
“’S e uilebheist a th’ ann.”


Gnìomh

Charades
Cairtean a’ sealltainn diofar rudan, me cù, cat, isean, plèana, an tidsear.

Thoir cairt do gach sgoilear.

Sgoilear a’ tighinn a-mach gu beulaibh a’ chlas agus a’ mimeadh dè tha air a’ chairt aige. Tha a’ chlann eile a’ tomhas dè th’ ann.

“’S e …………. a th’ ann.”

 

Madainn mhath, a Rìgh
A h-uile duine nan suidhe ann an cearcall ach aonan a shuidheas air sèithear sa mheadhan le bann air a shùilean.

Bidh cuideigin às a’ chearcall a’ dol suas agus a’ seasamh air beulaibh an duine seo agus ag ràdh ann an guth annasach:

“Madainn mhath, a Rìgh.” (Mas e balach a th’ anns a’ mheadhan)
no
“Madainn mhath, a Bhànrigh.” (Mas e nighean a th’ anns a’ mheadhan)

 

Bidh an rìgh/bànrigh an uair sin a’ tomhais cò th’ ann.
me

Rìgh/bànrigh:      “An e ………….. a th’ ann?”
Càch:                        “’S e …..……….. a th’ ann.”
no             “Chan e ………….. a th’ ann.”

Mura bheil fios aig an rìgh/bhànrigh cò th’ ann, tha a’ chlann ag innse. Gheibh an rìgh/bànrigh trì tursan le daoine eadar-dhealaichte agus an uair sin thèid rìgh/bànrigh eile dhan mheadhan.

 

Thoir dhomh am bogsa
Clann nan suidhe ann an cearcall ag èisteachd ri ceòl. Bogsa le diofar rudan ann a’ dol bho sgoilear gu sgoilear.

Nuair a stadas an ceòl, bidh an sgoilear aig a bheil am bogsa a’ dùnadh a shùilean agus a’ toirt rudeigin a-mach  às a’ bhogsa. Bidh e a’ tomhas dè th’ ann, me

Sgoilear:                             “’S e ……….. a th’ ann.”
A’ chlann eile:                 “’S e / chan e .”

An uair sin tha an ceòl a’ tòiseachadh a-rithist agus am bogsa a’ dol gu sgoilear eile.

 

Cò th’ annam?
Cuir ainmean air cairtean, me beathach no cuideigin eile sa chlas, agus cuir cairt air druim gach duine. Feumaidh iad coiseachd timcheall agus a’ tomhais dè tha air an druim le bhith a’ faighneachd cheistean mar “An e cù a th’ annam?” agus an duine eile a’ freagairt, “’S e cù a th’ annad / chan e cù a th’ annad” – gus an tomhais iad dè tha sgrìobhte orra.

 

Atharrachadh
Nòtaichean post-it air na cinn.


Òrain agus rannan (Dè thuirt thu?)

Ho, ho, ho, ho
Dè tha anns a’ bhogsa?
Congrinero

 

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024