Mìneachadh
Tha pàtran eile ann airson innse dè tha ann an rud no neach a tha stèidhte air tha agus na riochdan pearsanta seo de ann:
- nam/na mo (mi), nad/na do (thu), na (e), na/na h- (i), nar (sinn), nur (sibh), nan/nam (iad).
Mar eisimpleir:
- Bha e na iasgair uaireigin ach tha e na dhràibhear bus a-nise.
Tha am pàtran seo air a chleachdadh airson innse mu rudan mar an obair a tha aig neach, ie rudan a dh’fhaodas atharrachadh. Chan urrainnear a chleachdadh airson rudan mar nàiseantachd no gnè (ie Albannach).