Skip to content

Obair ìre 1

Chunnaic mi rudan inntinneach nuair a bha mi ann an Dun Eideann. Bidh mi ag èisteachd ri ceòl fhad ‘s a bhios mi a’ ruith. Seo an leabhar a tha mi leughadh an-dràsta. Innis dhomh carson a rinn thu sin. A bheil fhios agad cò a thuirt sin?

Gnìomhan

Bidh naisgear a’ ceangal seantansan neo abairtean ri chèile.

Iarr air na sgoilearan agus no ach a chleachdadh airson na seantansan seo a cheangal.

Chuir mi orm mo bhrògan. Chaidh mi a-mach a chluich.

Dh’fhuirich mi airson a’ bhus. Cha tàinig e gu 10 uairean.

Chan urrainn dhomh snàmh. ‘S urrainn dhomh ruith.

Thèid mi dhan a’ bhùth. Bidh mi modhail.

Bha cas ghoirt aig Calum. Chan urrain dha ruith an-diugh.

Bha iad sgìth. Chaidh iad dhan a’ phartaidh.

Nighidh mi mo làmhan. Nì mi cèic dhuibh.

 

Taisbeanadh

Dèan taisbeanadh air a’ bhalla sgrìobhaidh le diofar naisgearan. Faodaidh a’ chlann seo a chleachdadh airson an sgrìobhadh aca a dhèanamh nas inntinniche.

Naisgearan

Bidh naisgear a’ ceangal seantansan neo abairtean ri chèile.

 

Image: Naisgearan

bhon an dèidh gu/gun gus ma mas mar mur mura far a chionn ‘s

m.s.s.a.

 

Dè thachair an uair sin? (Còmhradh / sgrìobhadh)

Sgrìobh sìos diofar tòiseachaidhean seantans eadar-dhealaichte air pìosan beaga pàipeir. Feumaidh na sgoilearan pìos a thogail agus crìoch a chur orra, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.

m.e.

 Image: Exercise

 

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024