Skip to content

Obair ìre 2

Chunnaic mi rudan inntinneach nuair a bha mi ann an Dun Eideann. Bidh mi ag èisteachd ri ceòl fhad ‘s a bhios mi a’ ruith. Seo an leabhar a tha mi leughadh an-dràsta. Innis dhomh carson a rinn thu sin. A bheil fhios agad cò a thuirt sin?

Taisbeanadh

Dèan taisbeanadh air a’ bhalla sgrìobhaidh le diofar naisgearan. Faodaidh a’ chlann seo a chleachdadh airson an sgrìobhadh aca a dhèanamh nas inntinniche.

Naisgearan

Bidh naisgear a’ ceangal seantansan neo abairtean ri chèile.

 Graphic: Naisgearan

 

bhon an dèidh gu/gun gus ma mas mar mur mura far a chionn ‘s

 

Dè thachair an uair sin? (Còmhradh / sgrìobhadh)

Sgrìobh sìos diofar tòiseachaidhean seantans eadar-dhealaichte air pìosan beaga pàipeir. Feumaidh na sgoilearan pìos a thogail agus crìoch a chur orra, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.

m.e.

 Graphic : Paper exercise

 

 

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024