Skip to content

Obair ìre 1

Gheibh thu an leabhar ma tha thu ga iarraidh. Ma chuireas thu buidhe còmhla ri dearg, gheibh thu orains. Mura bheil airgead agad, chan fhaigh thu dad an seo. Nam biodh càr agam, bheirinn lioft dhut. Nan robh thu an seo an-dràsta, chìtheadh tu sealladh brèagha.

Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran

Targaidean

Mìnich dhan a’ chloinn na bhios a’ tachairt an dèidh dhaibh rudan a choileanadh.
m.e.

“Ma chuireas tu crìoch air matamatais ann an cairteal na h-uarach, faodaidh tu dhol air a’ choimpiutair.”

 


Gnìomh

Am faod sinn dol tarsainn air an abhainn òir?

A’ chlann uile a’ seasamh ann an loidhne aig aon taobh den talla le aon sgoilear anns a’ mheadhan.

Faighnichidh na sgoilearan anns an loidhne, “Am faod sinn dol tarsainn air an abhainn òir?”

Freagraidh an sgoilear anns a’ mheadhan, “Ma tha ………….. ort, faodaidh.” (M.e. brògan geala)

Ma tha brògan geala orra, faodaidh iad ruith dhan taobh eile den talla. Mura bheil brògan geala orra, feumaidh iad feuchainn ri faighinn gu taobh eile an talla fhad ’s a tha an sgoilear anns a’ mheadhan a’ feuchainn ri gan glacadh. Ma ghlacas e duine, feumaidh e a’ dol dhan a’ mheadhan cuideachd. Lean ort mar seo.

Faodaidh tu am pàtran seo a chleachdadh cuideachd. “Mura bheil……………, faodaidh.”

 

Cuir suas do làmh

Feumaidh a’ chlann dèanamh nas urrainn dhaibh.

m.e.

“Ma chuireas tu ort geansaidh dearg an-diugh, cuir suas do làmh.”

“Mura bheil bogsa bìdh agad an-diugh, cuir suas do làmh.”

Bidh a’ chiad duine le dà làmh suas a’ buannachadh.

 

Ceangal na seantansan

Feuch an ceangail thu gach toiseach seantans gu h-ìosal ri deireadh glic. Tha aon air a dhèanamh dhut mu thràth.

 Graphic: match the words

A-nise feuch an cuir thu crìoch air na seantansan a leanas ann an dòigh sam bith a thogras tu fhèin, fhad ’s a tha e a’ dèanamh ciall.

Nam faighinn tòrr airgid, _____________________________________

Ma chuireas tu air an solas ___________________________________

Mura bheil thu deiseil aig àm-cluiche __________________________

 

Òrain agus Rannan (Dè thuirt thu?)
Ma tha thu toilichte an-diugh
Anns a’ Chidsin

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024