Skip to content

Obair ìre 3

‘S e, an e, chan e, an e; ‘s e Màiri a tha ann, chan e Anna; ‘s e Iain a rinn sin; ‘s ann, an ann, chan ann; ‘s ann an seo a thachair e

Cluedo (Fuasgladh cheistean)

Faodaidh na sgoilearan seo a dhèanamh ann am buidhnean. Dèan suas cairtean mar a leanas, geàrr a-mach iad agus thoir seata do gach buidheann. Feumaidh iad na ceistean fhuasgladh a’ cleachdadh pàtran na seachdain.

 

Chaidh Mgr Mac an t-Sagairt a lorg le nàbaidh, Flòraidh, anns an t-seòmar-cadail aige aig 0900. Chaidh a mhurt.
?

Dh’fhàg Mgr Mac an t-Sagairt
an t-airgead aige gu lèir aig a’ phiuthar, Màiri, agus a mhac, Connor.
?

Cho luath ‘s s a lorg Flòraidh e, chuir i fòn chun an dotair. Thàinig e aig 10.15.
?

Cuin a chaidh Mgr Mac an t-Sagairt a mhurt?
?

Lorg am poileas an t-uaireadair òir aig Mgr Mac an t-Sagairt ann an taigh Flòraidh.
?

Càit an robh an ceathrar dhaoine aig 22.45 an oidhche a chaidh Mgr Mac an t-Sagairt a mhurt?
?

Chaidh Mgr Mac an t-Sagairt fhaicinn a’ fàgail cèilidh ann an Talla a’ Bhaile aig 22.50 còmhla ri Flòraidh.
?

Thuirt an dotair gun robh e air a bhith marbh airson 11 uairean.
?

 

 

Tha Talla a’ Bhaile an-ath-dhoras ris an Taigh Gheal.
?

Chaidh Connor a dh’fhaicinn ball-coise còmhla ri caraid an oidhche a chaidh Mgr Mac an t-Sagairt a mhurt. Thòisich am ball-coise aig 20.35, chluich iad airson 90 mionaid agus stad iad letheach slighe airson 15 mionaidean.
?

Cuin a chriochnaich am ball-coise?
?

Dh’fhàg Connor am ball-coise nuair a chrìochnaich e agus chaidh e dhachaigh anns a’ chàr. Tha e a’ toirt 1 uair 15 mionaidean airson faighinn dhachaigh.
?

Thachair Flòraidh ri caraid taobh a-muigh an Talla. Bhruidhinn i rithe airson leth uair a thìde agus an uair sin chaidh i dhachaigh.
?

Choinnich Màiri ri caraid aig an taigh-chluiche aig 21.00. Mhair an dealbh-chluiche1 uair 30 mionaid agus dhràibh i dhachaigh.
?

Bha Màiri, Connor agus Mgr Mac an t-Sagairt uile a’ fuireach còmhla anns an Taigh Gheal.
?

Tha an taigh-cluiche leth uair a thìde air falbh bhon Taigh Gheal ann an càr.
?

Cò mharbh Mgr Mac an t-Sagairt? Saoil carson?
?

 

 

Na freagairtean

Cuin a chaidh Mgr Mac an t-Sagairt a mhurt? 23.15

Càit an robh an ceathrar dhaoine aig 22.45 an oidhche a chaidh Mgr Mac an t-Sagairt a mhurt?

Mgr Mac an t-Sagairt – fhathast aig a’ chèilidh.
Flòraidh – fhathast aig a’ chèilidh cuideachd.
Màiri – a’ dràibheadh dhachaigh bhon taigh-dhealbh.
Connor – a’ dràibheadh dhachaigh bhon bhall-coise.

Cuin a chrìochnaich am ball-coise? 22.20

Cò mharbh Mgr Mac an t-Sagairt? Saoil carson? A phiuthar Màiri. ‘S dòcha airson an airgid, ‘s dòcha gun robh e gu math mì-sgiobalta!

 

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024