Tha an rabhadh air a sgrìobhadh ann an dearg. Tha mi air mo leòn. Tha thu gad shàrachadh fhèin. Cha ghabh sin dèanamh. Dh’fhàgte a-muigh e fad na h-oidhche. Chan eil mòran ri dhèanamh. Faodar na solais a chur dheth.
Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran
Aig toiseach an latha, cuir suas liosta de na tha aca ri dhèanamh an latha sin, fon tiotal; Ri dhèanamh an-diugh
Theirig tron liosta còmhla ris a’ chloinn, gach latha, a’ faighneachd; “Dè th’agaibh ri dhèanamh an-diugh?”
Orain
Mo Rùn Geal Òg
Och a Theàrlaich òig Stiùbhairt,
‘s e do chùis rinn mo lèireadh;
thug thu uam gach nì bh’ agam
ann an cogadh nad adhbhar;
cha chrodh is cha chaoraich
tha mi caoidh ach mo chèile,
ged a dh’fhàgte mi ‘m aonar
gun sian san t-saoghal ach lèine,
Mo rùn geal òg.
Bu tu ‘m fear mòr bu mhath cumadh
od mhullach gud bhrògan
bha do shlios mar an eala
‘s blas na meal’ air do phògan,
d’ fhalt dualach, donn, lurach
mu do mhuineal an òrdugh,
‘s e gu cam-lubach, cuimir,
‘s gach aon toirt urraim da bhòidhchead,
Mo rùn geal òg.
Bu tu ‘m fear slinneanach letheann,
bu chaoile meadhan ‘s bu dealbhaich;
cha bu tàillear gun eòlas
dhèanadh còta math geàrr dhut,
no dhèanadh dhut triubhais
gun bhith cumhang no gann dhut:
mar gheala-bhradain do chasan
led gheàrr-osan mud chalpa,
Mo rùn geal òg.
Och nan och, gur mi bochdag,
‘s mi làn osnaich an-còmhnaidh
chaill mi dùil ri thu thighinn,
thuit mo chridhe gu dòrtadh;
cha tog fidheall no clàrsach,
pìob no tàileasg no ceòl e –
nis o chuir iad thu ‘n tasgadh,
cha dùisg caidreabh duin’ òg mi.
Mo rùn geal òg.
Gnìomhan
Dràma
“Gabhadh e cleachdadh airson..”
Thoir a-steach rudan annasach dhan a’ chlas mar iuchair, pìos rùsg craoibhe, clòimh, m.s.a.a. Thoir aon do gach bhuidheann bheag. Feumaidh iad smaoineachadh air cleachdaidhean ùra air an son, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.
“Gu ruige seo, bha seo air a chleachdadh airson…… ach, gabhadh e cleachdadh ……”
Leudachadh
Thoir rudan àbhaisteach dhan a’ chloinn mar spàin, peansail, paipear-naidheachd, botal uisge m.s.a.a.
Ag obair le caraid, far a bheil aon sgoilear às a’ phlanaid seo agus am fear eile à planaid eile. Feumaidh iad còmhradh a dhèanamh, a’ mìneachadh ciamar a tha an rud aca air a chleachdadh air na diofar phlanaidean aca. Faodaidh iad ceistean fhaighneachd dha chèile.
“Air a’ phlanaid agamsa, tha seo air a chleachdadh airson ….”
Tha mi deiseil, am faod mi cluich?
Tha Murchadh a’ smaoineachadh gu bheil e air crìoch a chur air obair gu lèir, ach chan eil an tidsear ro chinnteach! Lìon na beàrnan, a’ leantainn pàtran na seachdain.
Ceartaich na mearachdan. | Tha na mearachdan air an ceartachadh. |
Sgrìobh trì paragrafan. | |
Tarraing mapa de dh’Alba. | |
Tog na leabhraichean. | |
Lorg na pinn. | |
Cuir a-mach na leabhraichean-teacs. |
Pàipear-naidheachd
Tha am pàtran seo freagarrach airson artaigil paipear-nàideachd a sgrìobhadh.
Faic stuthan teagaisg https://mirean-2024.storlann.co.uk/clar-amais-2/ag-innse-mu-rudan-a-thachair-ron-a-seo/tha-e-air-tilleadh/ cuideachd.