Skip to content

Obair ìre 2

Tha mi a’ sgrìobhadh; Tha mi a’ dèanamh dealbh; Tha mi a’ faicinn na gealaich; A bheil thu gam fhaicinn/gad/ga/ga h-/gar/gur/gan(m) faicinn?

Gnìomhan

Clàr sgeulachd
Dèan suas clàr sgeulachd le Comic Life, Kar2ouche no eile leis a’ chloinn a’ cleachdadh sheantansan den t-seòrsa a leanas. ‘Tha mi a’ lorg … Ach chan eil mi ga …’

Tha dà bheachd gu h-ìosal:

 

Image: Characters with speech bubbles

Image: Girls with speech bubbles


Cothroman tar-churraicealaim

Sgrìobhadh cruthachail (1)
Sgrìobh pìosan bàrdachd a’ cleachdadh Tha/Bha/Bidh mi ga… mar chiad loidhne, mar a leanas:

A’ Ghealach Bochdainn
Tha mi ga faicinn gu h-àrd san speur Bidh sinn gam faicinn air an teilidh.
A h-aghaidh gheal cho socair sèimh ’s iad a’ coiseachd mìltean thar mhìltean

 

Sgrìobhadh cruthachail (2)
Sgrìobh sgeulachd a’ tòiseachadh leis an loidhne:

Cho luath ’s a chunnaic e iad, bha e gan iarraidh gu mòr.

 

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024