Skip to content

Obair ìre T

Tha mi a’ sgrìobhadh; Tha mi a’ dèanamh dealbh; Tha mi a’ faicinn na gealaich; A bheil thu gam fhaicinn/gad/ga/ga h-/gar/gur/gan(m) faicinn?

Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran

A’ cleachdadh ghoireasan is obair na cloinne mar stimulus airson cànan
Gabh a h-uile cothrom bruidhinn mu na rudan a tha a’ chlann a’ dèanamh.
Dè tha thu a’ dèanamh, Sarah? Tha thu a’ fuine, a bheil? A bheil thu a’ dèanamh aran? No a bheil thu a’ dèanamh cèic? Iùm iùm.
Dè th’ anns an dealbh? Gealach. A bheil sibh ga faicinn, a h-uile duine? Cò tha a’ faicinn na gealaich?


Gnìomhan

Geama ‘Dè tha thu a’ dèanamh?’
Geama cearcaill. Feumaidh aon duine a dhol dhan mheadhan agus mìm a dhèanamh. Faighnich:
Seall X. Dè tha e/i a’ dèanamh?
Nuair a tha a’ chlann a’ smaoineachadh gu bheil fios aca, feumaidh iad an làmhan a chur suas. Tagh cuideigin airson innse dhut (le taic cànain ma tha sin a dhìth):
Tha e a’ snàmh
An uair sin, feumaidh a h-uile duine snàmh:
(Thusa) Seall sinne. Tha sinn uile a’ snàmh.
An uair sin thèid an duine a fhreagair dhan mheadhan agus tòisichidh an geama a-rithist.

 

Geama ‘Cò tha a’ faicinn Teadaidh?’
Falaich Teadaidh (no eile) fhad ’s a tha sùilean na cloinne dùinte agus an uair sin faighnich:
Cò tha a’ faicinn Teadaidh? Cò tha ga fhaicinn?
Nuair a chì a’ chlann e, feumaidh iad an làmhan a chur suas. Tagh cuideigin airson innse dhut càit a bheil e, mar a leanas (taic bhuatsa airson an ‘rann’ ionnsachadh):
Tha mise ga fhaicinn. Siud e!
Faodaidh an duine sin an uair sin Teadaidh a chur am falach agus tòisichidh an geama a-rithist leis an duine sin a’ cur na ceist.

 

Geama ‘Falach Fead’
Mar gu h-àrd, ach aon duine chloinne a’ dol am falach an àite Teadaidh

 

Cothroman tar-churraicealaim

Ceòl
Feuch na h-òrain leanas:
‘Tha mi a’ ruith,’ ars’ an rabaid, ‘Tha mi ruith’
Tha Cuibhlichean a’ bhus dol car, car, car
‘Tha Màiri a’ dannsa…’

Faodaidh a’ chlann na gnìomhan a dhèanamh – a h-uile duine còmhla no duine mu seach am meadhan a’ chearcaill.

Dràma
Inns stòiridh a’ cleachdadh fhaclan mar ‘a’ snàmh’, ‘a’ togail’ agus mar sin air adhart. Gach turas a chanas tu facal mar sin, feumaidh a’ chlann an gnìomh a dhèanamh (dh’fhaodadh tu clag a chleachdadh airson innse dhaibh gu bheil rud ri dhèanamh gus am fàs iad cleachdte ris a’ gheama), me:
Bha seachdain thrang aig Daibhidh. Diluain bha e a’ snàmh anns an amar aig an sgoil. Dimàirt bha e a’ cluich ball-coise. Diciadain bha e a’ leughadh leabhar anns a’ chlas. Diardaoin bha e a’ fuine còmhla ri Granaidh. Dihaoine bha e ag obair anns a’ ghàrradh fad an latha.

 


Rabhadh!

Thoir an aire nach cleachd thu an structar seo far am bu chòir dhut gnìomhairean a chleachdadh an àite gnìomh-ainmearan, mar a chì thu anns na pìosan a leanas:

Ceàrr Ceart
An uair sin bha na mucan a’ togail thaighean. An uair sin, thog na mucan taighean.
Bha a’ chiad mhuc a’ togail taigh connlaich. Thog a’ chiad mhuc taigh connlaich.
Bha an dàrna muc a’ togail taigh fiodha. Thog an dàrna muc taigh fiodha.
Bha an treas muc a’ togail taigh breige. Thog an treas muc taigh breige.
An uair sin bha am madadh-allaidh a’ An uair sin thàinig am madadh-allaidh
tighinn agus bha e ag ràdh ‘Bidh mise agus thuirt e, ‘Sèididh mi agus sèididh
a’ sèideadh agus a’ sèideadh agus…’ mi agus…’

Ma chluinneas tu a’ chlann a’ cleachdadh a’ chiad structar nuair bu chòir dhaibh an dàrna fear a chleachdadh, feuch gun cuir thu ceart iad le bhith ag ath-aithris an rud a thuirt iad mar bu chòir.

 

 

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024