Skip to content

Obair ìre T

Tha mi nam riuth; A bheil sibh nur suidhe?; Nam, nad, na, na h-, nar, nur, nan/nam

Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran

A bheil sibh uile nur suidhe?
Nuair a tha thu air iarraidh air a’ chloinn seasamh, no suidhe no mar sin air adhart, dèan cinnteach gun gabh thu an cothrom cuideachd faighneachd a bheil iad air dèanamh mar a dh’iarr thu orra (ged a bhios e soilleir gu bheil, no nach eil)


Gnìomhan

Geama ‘Nuair a dh’fhosglas mise mo shùilean’
Geama don a h-uile duine. Dùin do shùilean agus inns dhaibh dè th’ aca ri dhèanamh, mar a leanas:
Nuair a dh’fhosglas mise mo shùilean, bidh sibh uile nur suidhe/seasamh/cadal/ruith/sìneadh.
Nuair a dh’fhàsas iad cleachte ris, faodaidh a’ chlann d’ àite-sa a ghabhail ann a bhith a’ stiùireadh a’ ghnothaich.

* Leudachadh (1)
Tha cothrom ann cur ris an rud a dh’fheumas iad a dhèanamh me ‘nur suidhe ann an cearcall’, ‘nur seasamh ann an loidhne’, ‘nur cadal air an làr’, ‘nur ruith an taobh seo’ msaa

* Leudachadh (2)
Feuch seo le ceòl an àite sùilean dùinte agus gabh fhèin pàirt sa ghnothach gus an gabh ‘nar’ a chleachdadh (‘bidh sinn uile nar suidhe/seasamh/cadal/ruith/sìneadh’)

 

Maidseadh dhealbhan
Cleachd dealbhan gus cairtean a dhèanamh. Seall don chloinn iad agus an uair sin cuir sìos beul-fodha iad. Nuair a chanas tusa seantans, feumaidh iad feuchainn ri cairt a thogail a mhaidseas an seantans.

Eisimpleirean:

Graphic: Characters in various poses

  • Tha am poileas na sheasamh
  • Tha an cù na shuidhe
  • Tha Anna na suidhe agus tha an tidsear na sheasamh
  • Tha Màiri na laighe

Msaa

 

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024