Skip to content

Obair ìre T

Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran

Clàradh 
Aig toiseach gach latha, èigh a-mach ainmean na cloinne airson faighinn a-mach a bheil iad uile ann, agus iarr orra freagairt ann an guth mòr me:

A bheil Màiri an seo an-diugh?                                Tha!
A bheil Seumas an seo an-diugh?                          Chan eil!   

Biadh, deoch msaa 
Gabh a h-uile cothom faighneachd ‘A bheil sin math?’, ‘A bheil gu leòr agad?’ msaa.  Thoir dhaibh na freagairtean an toiseach gus am fàs iad cleachdte riutha. 

A’ cleachdadh ghoireasan is obair na cloinne mar stimulus airson cànan Gabh a h-uile cothrom bruidhinn mu dhealbhan, daoine, sgeulachdan msaa. Seall air an dealbh. A bheil a’ chlann toilichte san dachaigh ùir aca? Seall air an tunnaig. A bheil i brònach?  


Gnìomhan

Geama ‘Cò th’ ann?’ 

Feumaidh aon duine suidhe am meadhan cearcaill. Taghadh e/i cuideigin eile, gun a bhith ag innse cò th’ ann, agus feumaidh càch obrachadh a-mach cò th’ ann tro cheistean le ‘A bheil…?’, me:

A bheil falt dubh air?                                                      Tha/Chan eil
A bheil speuclairean air?                                              Tha/Chan eil 

* Leudachadh 

Tha seo a’ toirt dhut cothrom an diofar eadar  Tha/A bheil agus ’S e/An e a thaisbeanadh:

A bheil falt ruadh air?                                                    Tha/Chan eil
ACH
An e Iain a th’ ann?                                                          ’S e/Chan e   

Geama ‘Dè thuirt i?’ 

Cleachd pupaid agus can rudeigin mar ‘tha mi sgìth’, ‘tha mi trang’, ‘tha mi brònach’ msaa.  An uair sin cuir an ìre gu bheil thu a’ fàs bodhar agus faighnich don chloinn ‘Dè thuirt i/e?’ Cuidich iad le bhith a’ toirt dhaibh eisimpleirean airson a’ chiad greis agus an uair sin leig leotha freagairt: 

(Pupaid) Obh obh! Tha mi sgìth. 
(Thusa)
 Dè? Dè thuirt thu? (ris a’ chloinn) Dè thuirt Ailig?
(Thusa, a’ cuideachadh na cloinne) Thuirt e gu bheil e sgìth. Nuair a dh’fhàsas iad cleachdte ris, leig leotha fhèin am pupaid a chleachdadh.   

Geama ‘Teadaidh trang’ Aig àm cearcaill, cuir teadaidh (no pupaid) mun cuairt. Cleachdaidh aon duine an teadaidh/pupaid agus cuiridh an ath dhuine ceist air. Feumaidh a’ chiad duine a’ cheist a fhreagairt agus an uair sin thèid am pupaid/teadaidh air adhart, me:

A bheil thu sgìth, a Theadaidh?                               Tha!
A bheil thu trang, a Theadaidh?                              Chan eil!   

Geama ‘Dè th’ anns a’ bhogsa?’

 Cruinnich stuthan agus cuir rudan eadar-dhealaichte ann am bogsa dùinte. Cuir ceistean air na sgoilearan mu na th’ anns a’ bhogsa, mar a leanas:

A bheil càr anns a’ bhogsa? Chan eil. Tha trèana ann.  


Cothroman tar-churraicealaim

Dràma/Topaigean 

Thoir tòrr taic dhan chloinn le bhith a’ dèanamh suas sheallaidhean beaga, me ann am bùth no sutha, le uidheam-taic msaa:

A bheil ìm agad?
Chan eil.
A bheil aran agad?
Tha.
A bheil silidh agad?
Chan eil.
A bheil thu ag iarraidh silidh?
Tha.
A bheil airgead agad.
Msaa

A bheil leòmhann anns an t-sutha?
Chan eil.
A bheil cat anns an t-sutha?
Chan eil.
msaa   

Topaig: Mi fhìn ’s mo chuid 

Ceistean, còmhradh, dealbhan, cluich mas-fhìor (role-play) Seo an teadaidh agam. Tha e pinc. Tha geansaidh air. Chan eil e anns an sgoil. Tha e aig an taigh… 

Topaig: Teaghlach 

Mar gu h-àrd. Seo mo phiuthar Anna. Tha i deich. Chan eil bràthair agam…  

Topaig: Peataichean/beathaichean 

Mar gu h-àrd. Seo an coineanach agam. Tha e beag agus donn. Tha cluasan fada air… Seo ailbhean. Tha e mòr. Tha e glas. Tha e a’ fuireach ann an Afraga. Tha e teth ann an Afraga. Tha ailbhein anns an t-sutha ann an Dùn Èideann…  

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024