Skip to content

Thathas

Mìneachadh

Tha thathas, thathar, bithear air an cleachdadh airson rudan a tha air an dèanamh le daoine anns an fharsaingeachd seach le neach ainmichte sam bith. Mar eisimpleir:

  • Thathas a’ smaoineachadh gu bheil uilebheist ann an Loch Nis.
  • Thathar den bheachd gur e na Ròmanaich a thog an dùn sin.
  • Bithear a’ treabhadh na talmhainn as t-earrach.

 ’S ann ann an suidhichidhean foirmeil as trice a tha na pàtrain seo air an cleachdadh, mar eisimpleir anns na Naidheachdan air rèidio no a leithid sin. Chan eil iad cumanta.

 

 

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024