Skip to content

Ag innse mu rudan a thachair ron a seo

Aithghearrachd

Tha na pàtrain a leanas air an cleachdadh airson innse mu rudan a thachair ron a seo:

Chuir, an do chuir, cha do chuir

  • Chuir mi orm mo chòta.
    An do fhreagair thu an litir?
    Dh’ith mi mo bhracaist.
    Cha do dh’fhòn e thugam
    Leòn mi mi fhèin.
    Shrac mi am pàipear.

Chuala, an cuala, cha chuala

  • Chaidh/an deach(aidh)/cha deach(aidh)
    chunnaic/am faca/chan fhaca
    chuala/an cuala/cha chuala
    fhuair/an d’ fhuair/cha d’ fhuair
    ràinig/an do ràinig/cha do ràinig
    rinn/an do rinn/cha do rinn
    rug/an do rug/cha do rug
    thàinig/an tàinig/cha tàinig
    thug/an tug/cha tug
    thuirt/an tuirt/cha tuirt.

Bha, an robh, cha robh

  • Bha i fuar an-dè.
    An robh sibh sa bhùth?
    Bha e a’ ruith fad uair a thìde.
    Cha robh iad ag obair an-dè.
  • Bha mi a’ glanadh bòrd.
    Bha mi a’ glanadh uinneag.
  • Bha mi a’ glanadh a’ bhùird.
    Bha mi a’ glanadh na h-uinneig(e).
  • Bha iad gam chluinntinn.

Gam, gad, ga, ga h-, gar, gur, gan/gam.

Bhithinn, bhiomaid, bhiodh/bhitheadh.

  • Bhithinn a’ dol an sin tric nuair a bha mi beag.

Tha mi air tilleadh.

  • Tha mi air dealbh a pheantadh.
  • Tha e air mo shàrachadh.

Air d’ fhaicinn, a chur, a cur, a h-òl, ar cur, ur cur, an cur, am bruich.

Bha e air tighinn

  • Bha iad air na cèicean ithe air fad nuair a ràinig sinn.
  • Bha mo sheanair air bàsachadh mus do rugadh mise.

 


© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024