Skip to content

Obair ìre T

Bha/an robh/cha robh; bha mi sgìth; bha mi an-àird anmoch a-raoir; bha e a’ glanadh a’ bhùird; cha robh mi gan cluinntinn

Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran

Còmhradh anns a’ chlas

A’ bruidhinn air sgeulachdan a chaidh a leughadh.
“An robh e toilichte aig an deireadh?”
“An robh am madadh-allaidh crosta?”

Nàidheachdan

“An robh thu aig a’ bhùth an-dè?”
“An robh thu a’ cluich ball-coise an-raoir?”
“Dè bha thu a’ dèanamh còmhla ri Granaidh aig an deireadh-seachdain?

 


Cothroman tar-curraicealam

Dràma

A’ suidhe ann an cearcall, bidh aon sgoilear a’ seasamh an-àird agus a’ maidhmeadh gnìomh. Feumaidh a h-uile duine feuchainn ri faighinn a-mach dè tha iad a’dèanamh.

m.e.
“An robh thu a’ snàmh?”

“Bha/Cha robh mi a’ snàmh.”

 

Òrain agus rannan (Dè thuirt thu?)

Am bodach beag annasach (bha)
Chaidh sinn a bhuain na mònach (bha)
An nurs (bha)
’S ann an Ìle (bha)
Cat ri taobh an teine (bha, cha robh)
Còig luchain bheaga gheala (bha)
Tha sìol beag fon talamh (bha)
Bradan beag is bradan mòr (bha)
Nuair bha mi na mo mhaighdinn
Chan eil mo leannan ann an seo (cha robh)

 


Gnìomhan

Eachdraidh mo bheatha

Feumaidh na sgoilearan sreath dhealbhan a thoirt a-steach bhon taigh a’ tòiseachadh nuair a bha iad nan leanaban. Cuir suas air a’ bhalla iad agus faodaidh na sgoilearan beagan a ràdh mu dheidhinn gach dealbh.

m.e
“Bha mi dà bhliadhna a dh’aois an seo agus cha robh mi toilichte oir thuit mi.”
“Bha mi aig taigh mo Ghranaidh an seo agus bha mise agus mo bhràthair a’ cladhach anns a’ ghàrradh.”

Sgrìobh sìos na tha iad ag ràdh agus cuir suas air a’ bhalla e fo na dealbhan. ’S e deagh thaisbeanadh a tha seo!

 

An robh thu riamh…?

Faighnich dhaibh ceistean mar a leanas, a’ cur feadhainn gòrach nam measg.

“An robh thu riamh air plèana?”
“An robh thu riamh air bàta-aiseig?”
“An robh thu riamh aig sù?”
“An robh thu riamh ann an tanc-èisg?
“An robh thu riamh farmadach?”
“An robh thu riamh aig taigh a’ bhan-rìgh?”

 

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024