Skip to content

Bha e air falbh mus tàinig mi

Mìneachadh

Tha am pàtran a leanas a’ cleachdadh bha, an robh, cha robh an àite tha/a bheil/chan eil:

  • Bha mo sheanair air bàsachadh mus do rugadh mise.
  • Bha iad air na cèicean ithe air fad nuair a ràinig sinn.

Tha seo ag innse mu rudan a thachair aig àm nas fhaide air ais na bha  ‘Tha mi air …’.     Tha e air a chleachdadh mar as trice nuair a thathas ag innse mun àm a chaidh seachad agus tha rud air ainmeachadh a thachair ron àm sin.

 


© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024