Skip to content

Obair ìre 2

Bhithinn, bhiomaid/bhitheamaid, bhiodh e/i/sinn/sibh/iad. Bhiodh/am biodh/gum biodh/cha bhiodh. Bhithinn a’ dol dhan sgoil air a’ bhus mus d’fhuair sinn càr. Chuireadh.

Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran

Nuair a tha thu a’ measadh sgrìobhaidh còmhla ri na sgoilearan, faighnich dhaibh:

“Dè dhèanadh tu diofraichte?”

me

“Chuirinn barrachd bhuadhairean ann.”
“Sgrìobhainn beagan a bharrachd mu dheidhinn nan caractaran eile.”
“Dh’fheuchainn ri barrachd air trì paragrafan a sgrìobhadh.”

Dh’fhaodadh na sgoilearan seo a dhèanamh còmhla ri caraid (measadh càraid).

 


Cothroman tar-churraicealaim

Eachdraidh
Tha am pàtran seo gu math feumail nuair a bhruidhneas sinn air eachdraidh.

Aig toiseach cuspair ùr, faighnich dhaibh dè tha iad ag iarraidh faighinn a-mach.
Air neo mar mheasadh aig deireadh cuspair.

“Dè dh’itheadh na Bhictòrianaich?”
“Am biodh a h-uile duine a’ dol dhan sgoil?”
“Dè an seòrsa obraichean a bhiodh aca?”

 


Òrain

(Dè thuirt thu?) Bheirinn siud do Mhàiri

Dh’ fhalbhainn sgiobalta

Dh’ fhalbhainn sgiobalta, sgiobalta, sgiobalta
Dh’ fhalbhainn sgiobalta ‘s gheibhinn air dòigh
Dh’ fhalbhainn sgiobalta choimhead air Iseabail
Chuirinn mo bhriogais orm ‘s gheibhinn air dòigh
Dh’ fhalbhainn sgiobalta
Dh’ fhalbhainn sgiobalta, sgiobalta, sgiobalta
Dh’ fhalbhainn sgiobalta ‘s gheibhinn air dòigh
Dh’ fhalbhainn sgiobalta choimhead air Iseabail
Chuirinn mo bhriogais orm ‘s gheibhinn air dòigh

Sìle, Sìle, ‘s i bu docha leam
Sìle, Sìle, am boireannach còir
Sìle, Sìle, ‘s i bu docha leam
Peigi nighean Uilleim a ghabh mi ri m’ bheò
Sìle, Sìle, ‘s i bu docha leam
Sìle, Sìle, am boireannach còir
Sìle, Sìle, ‘s i bu docha leam
Peigi nighean Uilleim a ghabh mi ri m’ bheò

 

Chuirinn air a’ phìob e

Chuirinn air a’ phìob
air a’ phìob, air a’ phìob e
Chuirinn air a’ phìob
Mu sheann Dòmhnaill Dubhghlas
Chuirinn air a’ phìob
air a’ phìob, air a’ phìob e
Chuirinn air a’ phìob
Mu sheann Dòmhnaill Dubhghlas

Chuirinn air an fhidhill
Air an fhidhill, Air an fhidhill
Chuirinn air an fhidhill
’S a-rithist air an triùmpaidh
Chuirinn air an fhidhill
Air an fhidhill, Air an fhidhill
Chuirinn air an fhidhill
’S a-rithist air an triùmpaidh





© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024