Aithghearrachd
Tha na pàtrain a leanas air an cleachdadh airson innse mu rudan a thachras às dèidh seo:
Bidh/bithidh, am bi, cha bhi, a bhios/bhitheas
- Bidh mi air ais tràth.
Am bi thu ann a-nochd? Cha bhi.
Cò bhios a’ dol ann còmhla riut?
Sin an duine a bhios a’ seinn a-nochd.
Cuiridh, an cuir, cha chuir, chuireas
- An cuir mi air an cofaidh? Cuiridh.
Cha chuir mi às an solas.
Chan ith mi sin.
Chan fhàg mi an seo e.
Ma chuireas tu dheth an solas, bidh e dorcha.
Cò dh’innseas naidheachd?
Beiridh/am beir/cha bheir/a bheireas
- Beiridh/am beir/cha bheir/a bheireas
bheir/an toir/cha toir/a bheir
canaidh/an can/cha chan/a chanas
chì/am faic/chan fhaic/a chì
cluinnidh/an cluinn/cha chluinn/a chluinneas
gheibh/am faigh/chan fhaigh/a gheibh
nì/an dèan/cha dèan/a nì
ruigidh/an ruig/cha ruig/a ruigeas
thèid/an tèid/cha tèid/a thèid
their/an abair/chan abair/a dh’abras
thig/an tig/cha tig/a thig.
Tha mi dol a sheinn.
- Tha mi dol a pheantadh dealbh.
Tha mi dol a dh’òl deoch. - Tha mi dol a ghlanadh a’ bhùird.
Tha mi dol a ghlanadh na h-uinneig(e). - A bheil thu dol gam chuideachadh?
Gad chur, ga chur, ga òl, ga cur, ga h-òl, gar cur, gur cur, gan cur, gam bruich.