Mìneachadh
Tha caochladh dhòighean anns a’ Ghàidhlig air innse mu rudan a thachras às dèidh seo. ’S e aon dhiubh a bhith a’ cleachdadh:
- bidh/bithidh, am bi, cha bhi, a bhios/bhitheas.
Tha an riochd bidh air a chleachdadh nuair a tha e leis fhèin aig toiseach seantans (no clàs):
- Bidh sinn a’ falbh aig a sia ach bidh sinn air ais an seo aig a h-ochd.
[’S e bidh as cumanta na bithidh. Mar as trice, chan eil bithidh air a chleachdadh ach nuair a tha e seasamh leis fhèin mar fhreagairt ceist: Am bi thu ann a-nochd? Bithidh.]
Tha an riochd bi air a chleachdadh airson faighneachd am bi rud ann no nach bi:
- Am bi thu an seo a-nochd? Nach bi thu ann?
Tha bi air a chleachdadh cuideachd ann an suidhichidhean leithid:
- Thuirt e gum bi e a’ dol an sin a-màireach.
- Fuirich gus am bi mi deiseil.
- Bidh a-màireach ann mus bi fhios againn.
- Sin an ostail sam bi sinn a’ fuireach.
- Càit am bi thu aig ceithir uairean?
Tha an riochd bhi air a chleachdadh airson a ràdh nach bi rud a’ tachairt:
- Cha bhi mi a-staigh a-nochd.
Tha bhios air a chleachdadh às dèidh nam faclan ceist
- cò/dè/cuin a/carson a/ciamar a? (no an leithid)
- ma, ged a, mar a, nuair a, fhad ’s a, on a, a (no an leithid).
Mar eisimpleir:
- Cò bhios a’ dol ann còmhla riut? Sin an duine a bhios a’ seinn a-nochd.
[’S e tu a tha air a chleachdadh às dèidh bhios, an àite thu: Cuin a bhios tu an seo? Chithear an seann riochd bhitheas uaireannan ach chan eil e cumanta. Uaireannan canar tha an àite bidh, ann an còmhradh, airson rud a tha dol a thachairt às dèidh seo: Tha ball-coise air an teilidh a-nochd. ]