Skip to content

Obair ìre 2

Cuiridh, an cuir, ; cha chuir, a chuireas; òlaidh, an òl, chan òl, a dh’òlas; fàgaidh, am fàg, chan fhàg, a dh’fhàgas; cuiridh sinn am bòrd an seo.; ruith nuair a shèideas mi an fhìdeag

Cothroman tar-curraicealam

Foghlam Creideimh agus Moraltachd

Fèisean

Mìnich dè bhios a’ tachairt ann an taigh neo baile aig àm fèis sònraichte: Hanukkah, Nollaig, Passover, Ramadan, Eid–ul-Fitr

m.e.
Divalli

Cuiridh na boireannaich orra sari agus peantaidh iad na làmhan aca le Henna ann am pàtrain sònraichte Mendhi. Canaidh iad ùrnaighean agus lasaidh iad tòrr lampaichean beaga. M.s.a.a.

Faodaidh iad seo a sgrìobhadh tro sùilean leanabh anns na h-Innseachan


Gnìomhan

Seanfhaclan

Bhiodh e feumail tòrr bhruidhinn a dhèanamh air na seanfhaclan, a’ dol thairis air facail doirbh agus a’ smaoineachadh air na tha iad a’ ciallachadh. Cuideachd, bhiodh e math cuid dhiubh ionnsachadh. Tha tòrr sheanfhacail ann a bhios a’ cleachdadh am pàtran seo agus seo cuid dhiubh.

 

Cuiridh mi clach air do chàrn – I’ll add a stone to your cairn

Cha sgal cù ro chnàimh – A dog won’t bark at a bone

Cha sheas càirdeas air a leth-chois – Friendship won’t stand on one leg

Cha stad na tràthan, ‘s chan eil bàidh aig seòl-mara – Time won’t wait, nor tide show mercy.

Cha tuit caoran à cliabh falamh – Peats don’t fall from empty creels.

Tachraidh na daoine, ach cha tachair na cnuic – Men will meet, but the hills will not.

Bàthaidh uisge teth teine – Hot water will quench fire.

Bàthaidh toll beag long mhòr – A little hole will sink a big ship.

Am fear nach cuir a shnaidhm, caillidh e chiad ghrèim – The man who puts not a knot on his thread loses the first stitch.

Fear sam bith a loisgeas a mhàs, ’s e fhèin a dh’fheumas suidhe air. – Whoever burns his backside must himself sit upon it.

Leudachadh
Airson geama a chluich a’ cleachdadh seanfhacail, bidh aon sgioba a’ fàgail an t-seòmair agus ag aontachadh air seanfhacail agus cò tha dol a ràdh gach fhacal.  Nuair a thilleas iad bidh iad uile ag èigheach a-mach am facal aca fhèin aig an aon àm agus feumaidh na sgiobaidhean eile feuchainn ris an seanfhacal a thomhais. Ma tha iad soirbheachail, thèid an dàrna buidheann a-mach agus bidh an geama a’ leantainn air mar seo.

 

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024