Skip to content

Obair ìre T

Tha mi a’ dol a sheinn; tha mi a’ dol a dhèanamh dealbh; tha mi a’ dol ga dhèanamh

Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran

“Dè tha thu a’ dol a dhèanamh an-diugh?”
“Tha mi a’ dol a pheantadh.”
“Tha mi a’ dol a thogail taigh!”
“Tha mi a’ dol a chluich le càraichean.”

“Dè tha thu a’ dol a dhèanamh às dèidh na sgoile?”

 


Gnìomh

Dè tha mi a’ dol a dhèanamh?

Cruinnich tòrr dhealbhan a’ sealltainn rudan a chuireadh duine còmhla ri chèile me

  • Peant agus bruis
  • Pàipear agus peann
  • Flùr agus uighean
  • Uisge agus reothadair

Cuir na dealbhan ann an dà cholbh air a’ bhòrd-gheal.
Iarr air sgoilear cairt a thoirt às gach colbh agus seasamh air beulaibh a’ chlas.

Canaidh e, “Tha pàipear agus peann agam. Dè tha mi a’ dol a dhèanamh?”
Bidh a’ chlann eile a’ tomhas dè tha e/i a’ dol a dhèanamh, me

“Tha thu a’ dol a dhèanamh dealbh.”

Mura tomhais iad an dèidh trì tursan bidh a’ chiad sgoilear ag innse dhaibh dè tha e a’ dol a dhèanamh agus an uair sin thèid sgoilear eile a thaghadh chairtean.

Caismeachd
Bidh na sgoilearan uile ann an cearcall còmhla ris an tidsear. Tionndaidhidh an tidsear agus a’ chiad sgoilear gus am bi iad mu choinneamh a chèile agus buailidh iad an làmhan a’ feuchainn ri sin a dhèanamh aig an aon àm. An dèidh sin, tionndaidhidh a’ chiad sgoilear gu a nàbaidh agus nì iadsan an aon rud. Cumaidh seo a’ dol gus am faigh a h-uile duine cothrom. Feumaidh gach paidhir a bhith a’ glacadh shùilean a chèile airson seo a dhèanamh ceart.

Nuair a tha iad cleachdte ri sin, bidh na sgoilearan uile a’ caismeachd air an spot. Taghaidh a’ chiad sgoilear gnìomh, me a’ snàmh. Tionndaidhidh e gu a nàbaidh gus am bi iad mu choinneamh a chèile. Canaidh e, ann an ruitheam na caismeachd, “Tha mi a’ dol a shnàmh”, a’ mìmeadh a’ ghnìomh aig an aon àm.

Bidh an dara sgoilear ag ràdh “Tha thu a’ dol a shnàmh” a’ dèanamh a’ ghniomh. An uair sin bidh esan a’ tionndadh chun an nàbaidh eile agus a’ taghadh gnìomh dha fhèin. Agus leanaidh iad mar seo gus am bi cothrom aig a h-uile duine na gnìomhan aca fhèin a dhèanamh.

 

Leudachadh
Nuair a tha iad cleachdte ri sin, faodaidh iad a ràdh, “Tha mi a’ dol a thilleadh” agus thèid an cluich air ais timcheall air a’ chearcall an rathad a thàinig e.


Sgeulachdan

“Dè tha a’ dol a thachairt a-nis?”
“Dè tha am madadh-allaidh a’ dol a dhèanamh?”
“Dè tha Mamaidh a’ dol a ràdh?”


Òrain agus rannan (Dè thuirt thu?)

Tha flùr agus ìm agam (a’ dol a dhèanamh)
Tha mi a’ dol a dhèanamh cèic
Mamaidh aig a’ chucair (a’ dol a dhèanamh)

 

 

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024