Mìneachadh
Tha na faclan beag, mòr, math, dona, dubh, geal, luath, mall agus an leithid air an cleachdadh airson innse cò ris a tha rud no neach coltach.
Nuair a tha iad air an cleachdadh ann an seantans far an e a’ phrìomh chuspair cò ris a tha an rud no neach coltach, chan eil na faclan seo ag atharrachadh idir – a rèir, mar eisimpleir, an e facal fireannta no boireannta leis a bheil iad a’ dol no a bheil còrr is aon ann:
- Tha am balach mòr. (fireannta)
- Tha a’ chaileag mòr. (boireannta)
- Tha na trèanaichean mòr. (còrr is aon)