Mìneachadh
Tha riochdan àraidh ann de fhaclan leithid beag, blàth, math a tha air an cleachdadh airson rudan no daoine a choimeas ri chèile:
- beag – lugha, blàth – blàithe, math – fheàrr, luath – luaithe, mòr – motha.
Nuair a tha coimeas dìreach air a dhèanamh eadar rudan, ann an seantans a’ tòiseachadh le tha, a bheil, chan eil, tha am pàtran a leanas air a chleachdadh:
- Tha bus nas motha na càr.
- Tha an cat nas lugha na an cù.
- Tha an-diugh nas blàithe na an-dè.
- Tha an sgioba againne nas fheàrr na an sgioba agaibhse.
- Tha an duine sin nas luaithe na a h-uile duine eile sa sgioba.
[Uaireannan chan eil an dara rud air ainmeachadh: Tha i nas blàithe a-nise (na bha i).]
Faodar cuideachd rudan a choimeas a’ cleachdadh ’s e agus am pàtran a leanas:
- ’S e an sgeulachd agamsa as fheàrr.
Faodar am pàtran seo a chleachdadh airson rud (no neach) a choimeas ri aon rud eile no ri grunn rudan:
- ’S e Dòmhnall as fheàrr air sgrìobhadh anns a’ chlas.
- ’S e Dòmhnall as fheàrr air sgrìobhadh den dithis aca.
- ’S e Dòmhnall as fheàrr air sgrìobhadh na Iseabail.
[Anns a’ Bheurla tha better air a chleachdadh airson dà rud agus best airson barrachd air a dhà ach chan eil nas fheàrr agus as fheàrr ag obrachadh mar sin sa Ghàidhlig.]
[Uaireannan gheibhear ’s i an àite ’s e: ’S i Mairi as luaithe. Uaireananan gheibhear an riochd seo le mi, thu/tu: ’S mise as luaithe, ’S tusa as fheàrr.]
Tha na bu/na b’ agus a bu/a b’ air an cleachdadh uaireannan mun àm a chaidh seachad:
- Bha an sgioba againn na b’ fheàrr an-uiridh na tha iad am-bliadhna.
- ’S e na càraichean sin a bu luaithe anns an rèis.
Faodar as fheàrr, a b’ fheàrr a chleachdadh co-cheangailte ri facal mar a leanas:
- Gheibh am fear as luaithe duais.
- ’S e an tè a bu mhotha a rinn a’ chùis.