Skip to content

Obair ìre 2

Tha e cho luath ri fiadh; bha e a’ dol cho luath ‘s gun do thuit e; bha e a’ dol ro luath; tha e uabhasach math air cluiche; tha e a’ dol gu math

Cothroman tar-churraicealaim

Bàrdachd

Cho mòr ri……
Ann am buidhnean de thriùir, far a bheil aon sgoilear a’ sgrìobhadh, aon a’ dearbhadh agus aon a bhios a’ bruidhinn, feumaidh iad còmhradh airson còig mionaidean mu dheidhinn a’ chuspair a thagh thu fhèin ro-làimh – me, ailbhean. Feumaidh an sgrìobhadair notaichean a chumail. Feumaidh iad buadhairean a chleachdadh far a bheil e freagarrach.

Dè an coltas a th’ air?
Dè am fuaim a nì e?
Càit a bheil e a’ fuireach?
Dè eile?

Cruinnich na beachdan aca air a’ bhòrd.

Tha e mòr, glas, glic …
Tha e a’ fuireach ann an dùthaich theth, ann an coille dhubh, dhomhainn…
Bidh e a’ fàs gu math aosta…
Nì e fuaim àrd…
msaa

Tòisich leis a’ chiad bhuadhair: mòr. Can ris a’ chlas gum feum iad còmhradh a dhèanamh mar bhuidheann airson mionaid no dhà air dè cho mòr ’s a tha an t-ailbhean, agus a sgrìobhadh sìos mar “cho mòr ri …” An uair sin leughaidh gach buidheann a-mach dè sgrìobh iad, agus sgrìobhaidh tusa na freagairtean aca air a’ bhòrd a-rithist. Faodaidh tu na freagairtean a sgrìobhadh ann an òrdugh sam bith a tha grinn, agus faodaidh tu puingeachadh a chur ris mar a fhreagras: oir ’s e seo a’ chiad rann den bhàrdachd aca.

Tha an t-ailbhean cho mòr ri taigh,
Tha e cho mòr ri beinn,
Tha e cho mòr ri sky-scraper.

 

 

Seanfhaclan

Coimhead air seanfhaclan mar an fheadhainn a leanas còmhla ris a’ chloinn.

  • Cho binn ri smeòrach air gèig.

 

  • Cho bochd ris a’ chirc.
  • Cho bodhar ri cloich.

 

  • Cho ciallach ri cnoc.
  • Cho dall ri bonn do chois.

 

  • Cho fada sa cheann ’s a bha Fionn sna casan.
  • Cho làidir ri Cù Chulainn.

 

  • Cho sgìth ri cù.

 

Faodaidh iad an uair sin buadhairean a thaghadh agus, còmhla ri caraid, liosta a dhèanamh leis an fheadhainn aca fhèin.
me, Cho gleansach ri daoimean ann an solas na grèine.

Faodaodh iad dealbhan a dhèanamh de na h-abairtean ùra aca agus dèan taisbeanadh leotha.

 


 Òrain agus rannan (Dè thuirt thu?)

Mo bhàta (DTT2)

 

Duilleagan-obrach (DTT2)

Dè cho fliuch…?
Feuch an obraich…
Dè tha ceàrr?
Dealbh gu dealbh
Dè tha math dhut?
Tòimhseachain
Mèirle air Oifis a’ Phuist

 

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024