Aithghearrachd
Tha na pàtrain a leanas air an cleachdadh airson innse far a bheil rudan agus a leithid sin:
Na shuidhe air balla [gun an t-alt]
- Air balla, ri Calum, eadar mùir is tìr, aig cèilidhean, le balaich.
- Do Mhàiri, do chaileagan, ro Dhiluain, ro Anna, do dh’Anna, gun chòta.
Tha leabhar air a’ bhòrd [leis an alt]
- Aig a’ chidhe, anns a’ chraoibh.
- Dhan bhaile, tron uinneig, dha na beanntan.
- Anns a’ chàr/sa chàr, ris a’ chaileig, leis gach balach.
- Nam/na mo bhaga.
Air a’ bhòrd bheag
- Air a’ bhòrd bheag, aig an uinneig bhig.
- Do na balaich bheaga, ris na gillean mòra.
Pàtrain eile.
- Gun an càr, mar an dealanach, duine sam bith ach Calum, eadar na cnuic.
- Tha iad a’ dol chun na gealaich.
- Shreap iad thar nam beanntan.
Tha còta ùr agam.
Asam, agam, orm, bhuam, dhìom, dhomh, thugam, leam, rium, romham, tromham.
Faisg orm
- Coltach ri cat, còmhla ris a’ chaileig.
- Còmhla rium, faisg ort, còmhla riutha.
Ri taobh an dorais
- Ri taobh uinneag, air beulaibh balla, air cùlaibh dhorsan [gun an t-alt].
- Air cùl an dorais mhòir, air beulaibh na h-uinneig(e).
- Ri taobh nan taighean, air cùl nan cnoc.
Agus le mi, thu …:
- Air mo chùl, air do chùl, air a son, ri ar/rir taobh, os ur cionn, nam measg.
Air cùl, an àite, am measg, mu dheidhinn, mun cuairt, ri taobh, os cionn.