Skip to content

leis an alt, deireadh fhaclan

Mìneachadh

Pàirt 3:  leis an alt, deireadh fhaclan

 Tha an earrann seo a’ deiligeadh ri atharrachaidhean aig deireadh fhaclan nuair a tha aig, air, gu, à, ann an/am, le, ri, do, de, fo, bho, ro, tro, mu, mar a’ tighinn rompa. Far nach eil an t-alt (am/an/a’/an t-/na) le facal, chan eil atharrachadh a’ tachairt aig deireadh an fhacail:

  • ann am mias, le ad, aig uinneag, ann an lòn, air làr, ri bodaich, ri caileagan, le cait.

 Far a bheil an t-alt (am/an/a’/an t-/na) – no mo/do – le facal, chan eil atharrachadh a’ tachairt aig deireadh fhaclan fireannta:

  • leis a’ bhreac, anns a’ bhad, air an làr, ris a’ chat; ri mo mhac.

 Far a bheil an t-alt le facal, tha deireadh fhaclan boireannta air an atharrachadh:

  • sa chraoibh, aig an uinneig, fon chois, le mo bhròig.
  • fon chloich bhig, aig an uinneig mhòir, na do chluais dheis.

 [Cluinnear na riochdan a leanas cuideachd ann an còmhradh Gàidhlig san latha an-diugh: leis an ad ùr (seach an aid ùir), na mo chluas dheas (seach mo chluais dheis).]

Air ais gu Aig, air, do, fo, à/às, thar

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024