Skip to content

Obair ìre T

Aig, air ; do/dha/don/dhan/a/a dh’; de/den/dhen/a/a dh’; fo/fon, bho/ bhon/o/on; ro/ron, tro/tron; mu/mun, gu/gun; à/às, ann an/ anns/sa/san; le/leis, ri/ris; gun, mar, eadar, seach, ach; thar, rè, chun

Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran

Coimhead air na dealbhan nuair a tha sibh a’ leughadh leabhar. Faighnich dhaibh ceistean mar,
“Càit a bheil Gruag-Moire a-nis?”
“Tha i na suidhe air an t-sèithear aice.”
“Tha i anns an leabaidh aice.”

Faighnich dhaibh a bheil naidheachd aca.
“Càit an robh thu aig an deireadh-sheachdain?”
“Bha sinn ann an Inbhir Pheofharain aig a’ bhùth.”


Gnìomh

Falach fead
(air, aig, fo, fon, ann, anns, eadar)

Feumaidh a’ chlann an sùilean a dhùnadh. Cuir teadaidh no dèideag ann an àite caran follaiseach anns a’ chlas. Feumaidh a’ chlann an sùilean fhosgladh agus coimhead airson teadaidh.

“Chì mi teadaidh. Tha e air a’ bhòrd sgrìobhaidh.”
“Tha e fon bhòrd.”
“Tha e anns a’ bhogsa dhearg.”

Leudachadh
Falaich e ann an àite nas doirbhe. Tagh dithis airson teadaidh a lorg. Faodaidh tu cuideachadh a thoirt dhaibh, me “Tha e fo rudeigin” no “Tha e ann an rudeigin”.

Càit a bheil …?
Cleachd dealbhan mar a leanas airson mìneachadh far a bheil rudan, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.

Graphic: Bùth Sheumais

 

Leudachadh (Ìre 1)
Tha am bàta eadar an teadaidh agus na h-adan.               Ceart    no    Ceàrr

msaa

 


Òrain agus rannan (Dè thuirt thu?)

Làmhan anns a’ bhùrn (air, anns)
Cuir do làmhan air do cheann
Dè thèid air mo cheann? (air)
Cairistiona Chaimbeul (air)
Gnog air an doras
Aon chorrag bheag (air)
Ball-coise (air)
Anns a’ phàirce (air)
Mòrag Bheag (air)
Anns a’ pholl (air)
Tha bàta a’ seòladh air a’ chuan
Cò mi? (anns)
A Mhàiri (anns)
Tha mi trang anns an sgoil (anns, aig)
Diteag, diteag! (fon)
Dìleas (fon)
Phiseag bheag (fo)
Tha sìol beag fon talamh (fon)
Cluichidh mis’ a-muigh (aig, anns)
Càit a bheil na dèideagan? (anns, air, aig, fon)

 

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024