Skip to content

Air beulaibh, air cùlaibh

Mìneachadh

Tha faclan leithid à/às, air, ann, mu, ri, (os) a’ dol còmhla ri faclan eile mar àite, measg, taobh (agus an leithid) gus abairtean cumanta a dhèanamh suas mar a leanas:

  • às – às dèidh, às aonais
  • air – air beulaibh, air cùlaibh, airson, air feadh, air sgàth, air tòir
  • ann – an àite, an dèidh, am measg, an aghaidh, am broinn, an comhair
  • mu – mu choinneamh, mu dheidhinn, mun cuairt, mu thimcheall
  • ri – ri taobh
  • (os) – os cionn.

Nuair a tha na h-abairtean seo air an cleachdadh còmhla ri faclan eile, gheibhear na pàtrain a leanas.

Mura bheil an t-alt (an/am, a’, an t-, na) leotha, mar as trice chan eil toiseach no deireadh fhaclan ag atharrachadh:

  • ri taobh uinneag (bheag), air cùlaibh doras (mòr), os cionn beinn.

Far a bheil am facal (gun an t-alt) a’ seasamh airson barrachd air aon de rud, tha an toiseach ag atharrachadh (ach le litrichean nach bi ag atharrachadh san dòigh seo mar l/n/r/sg/sm/sp/st). Chan eil an deireadh ag atharrachadh anns an riochd a tha a’ crìochnachadh le –an no –ichean (me, uinneagan) ach tha leis an riochd le i (bodaich):

  • air cùlaibh dhorsan (dorsan), am measg bhodach (bodaich).

Ma tha an t-alt (an/am, a’, an t-, na) leis an fhacal, tha faclan fireannta (doras, balla) ag atharrachadh mar a leanas (ma tha e comasach do na litrichean aig an toiseach agus an deireadh aca atharrachadh):

  • ri taobh a’ bhodaich, air cùl an dorais (mhòir), ri taobh a’ bhalla (bhig).

 Ma tha an t-alt (an/am, a’, an t-, na) leis an fhacal, tha faclan boireannta (cailleach, uinneag, sgoil) ag atharrachadh mar a leanas (ma tha e comasach do na litrichean aig an toiseach agus an deireadh aca atharrachadh):

  • ri taobh na caillich(e), air cùlaibh na sgoile
  • air beulaibh na h-uinneig mhòir / air beulaibh na h-uinneige mòire.

[Cluinnear an dà chuid an riochd traidiseanta na h-uinneige mòire agus an riochd na h-uinneig mhòir san latha an-diugh.]

Ma tha barrachd air aon ann den rud, tha an t-alt a’ tionndadh gu nan/nam. Chan eil toiseach an fhacail air atharrachadh uair sam bith. Chan eil an deireadh ag atharrachadh anns an riochd a tha a’ crìochnachadh le –an no –aichean (uinneagan, busaichean) ach tha leis an riochd le i (bodaich) agus ann an àireamh bheag de sheann abairtean:

  • ri taobh nan taighean, air cùlaibh nan càraichean
  • airson nam balach (balaich), air cùl nan cnoc (cnuic).

Gheibhear am pàtran a leanas le mi, thu, e, i, sinn, sibh, iad:

  • air mo chùlaibh (mi)
  • air do bheulaibh (thu)
  • às a dhèidh (e)
  • air a son (i)
  • nar n-àite (sinn)
  • nur dèidh (sibh)
  • nam measg (iad)
  • mun coinneamh (iad)

 


© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024