Skip to content

Obair ìre 1

Air beulaibh, air cùlaibh, airson; am measg, an àite, an dèidh; às dèidh, mu choinneamh; mu dheidhinn, os cionn, ri taobh; air beulaibh an taighe; air cùlaibh na sgoile; air mo chùlaibh, os do chionn; nad àite

Gnìomh

Geama
Chan eil duine ri mo thaobh (DTT1, 11)

 

Dealbhan
Tagh dealbhan a-mach à catalog le diofar sheòmraichean. Dèan beagan còmhraidh air càit a bheil na diofar rudan. me “A bheil an TBh faisg air an teine?”

Iarr air a’ chloinn dealbhan a thoirt a-steach de sheòmar anns an taigh aca fhèin agus faodaidh iad innse dhan a’ chlas càit a bheil a h-uile rud.

 


Cuir an teadaidh…
A’ suidhe ann an cearcall, le dèideag airson gach sgoilear (tha na mathain bheaga phlastaig math airson seo.) Iarr orra rudan a dhèanamh, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.
me “Cuir an teadaidh air do bheulaibh” no “os do chionn”, “ri do thaobh”, agus msaa.

Nuair a tha iad comasach gu leòr air seo a dhèanamh, feumaidh iadsan na h-òrdughan a thoirt seachad.

 

Buidhnean
Ann am buidhnean, iarr air na sgoilearan gluasad timcheall an t-seòmair.

me
“Seasaibh air beulaibh a’ bhòrd sgrìobhaidh.”
“Seasaibh air cùlaibh an t-sèithir agam le ur làmhan os ur cionn.”

 


Tha thu…
Sgrìobh abairtean mar air beulaibh, air cùlaibh, an àite, mu choinneamh, ri taobh air pìosan beaga pàipeir agus cuir iad ann am poca. Cuir a-mach sèithear air beulaibh a’ chlas.

Feumaidh na sgoilearan aon phìos pàipeir a thaghadh agus feumaidh iad na faclan a shealltainn, gan cleachdadh fhèin agus an sèithear. Ma tha e ag ràdh air beulaibh, feumaidh iad seasamh air beulaibh an t-sèithir, agus msaa.

Feumaidh càch tomhas dè bha sgrìobhte air a’ phìos pàipeir.

 

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024