Skip to content

Gnàthasan-cainnte

Mìneachadh

’S e ‘gnàthasan-cainnte’ abairtean nach eil a’ leantainn pàtran àbhaisteach gràmair ach a tha nam pàirt fheumail den a h-uile cànan, a’ toirt dhaibh blas agus caractar. Tha seata ghnàthasan an seo stèidhte air à/às, aig, air, de, do, gu, le, ri ann an seantansan a tha a’ sealltainn dè tha iad a’ ciallachadh agus ciamar a tha iad air an cleachdadh.

 

à/às

Bha a mhàthair moiteil/pròiseil às a’ bhalach airson an duais a fhuair e.

Bha an tarbh air a chumail ann am pàirc ach fhuair e às.

Bha iad a’ tarraing asam ach cha robh mise a’ smaoineachadh gun robh e èibhinn.

Chuir
daoine agus coin às don dodo.
Rinn e às a-mach an doras cho luath ’s a b’ urrainn dha.

aig

Bha e duilich a’ bheinn a shreap ach chaidh agam air.

air

Bha am balach mòr ag obair air a’ bhalach bheag.

Bha mi ag iarraidh fuireach ach thàinig orm falbh.

Chan eil sgeul agam air
mo pheann.

Dè tha ceàrr ort? Chan eil thu a’ coimhead gu math.

Rug mi air làimh air
a’ Chiad Mhinistear.

Tha an t-eagal/an fhearg/cais/cabhag/an t-acras/am pathadh/an cianalas/an cnatan orm.

Tha e math air seinn.

Thug iad orm
a dhol ann còmhla riutha ged nach robh mi ag iarraidh a dhol ann.

de


Bha a bheul a’ dol gun sgur is e a’ cur dheth mu rud ma seach.
Tha sin gu leòr dhen amaideas sin: sguir dheth!

do

‘S àbhaist dhomh bhith dol chun a’ bhall-coise a h-uile feasgar Disathairne.

’S fheàrr dhut falbh a-nise: tha e anmoch.

An dèidh dhomh
sin a dhèanamh dhaibh, cha tug iad taing dhomh air a shon.
A bheil a’ dol dhut gu math anns an obair ùr?

Mhothaich mi dha
anns an dol seachad.

gu

Bha e a’ trod rium agus gam chur thuige.

Cuir fios thugam
nuair a gheibh thu mach dè tha tachairt.
Fòn thugam.

le


Ma tha e ag iarraidh a bhith leis fhèin, leig leis.

Tha mi a’ dol leis a h-uile càil a thuirt e san òraid.
Trobhad a-nall còmhla rinn an àite a bhith thall an sin leat fhèin.

ri

Bidh mi a’ coinneachadh ri mo charaid às dèidh na sgoile.

Cha do thachair duine beò rium a-muigh anns a’ choille.

Tha agam ri falbh a-nise.

Tha sinn a’ feitheamh ris a’ bhus.

 


© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024