Skip to content

A bheil thu deiseil? Tha. An robh thu ann? Cha robh

Mìneachadh

’S e a’ chiad fhacal (no abairt) den fhreagairt shlàn a tha air a chleachdadh sa Ghàidhlig airson freagairt cheistean den t-seòrsa a tha air am freagairt le yes no no sa Bheurla.

Mar eisimpleir:

  • A bheil thu deiseil? Tha (mi deiseil). Chan eil (mi deiseil).
  • An robh thu ann an-dè? Cha robh.
  • Am bi thu an seo a-màireach? Cha bhi.
  • An do rinn thu d’ obair? Rinn (mi m’ obair). Cha do rinn (mi m’ obair).
  • An cuir mi dheth na solais? Cha chuir.
  • An e Iain a thuirt sin?  ’S e (Iain a thuirt sin). Chan e (Iain a thuirt sin).
  • An ann air a’ bhus a thàinig thu? ’S ann. Chan ann.
  • Am b’ ann riutsa a bha e a’ bruidhinn? B’ ann. Cha b’ ann.
  • An urrainn dhut mo chuideachadh? Chan urrainn (dhomh do chuideachadh).
  • An urrainn dhaibh snàmh? ’S urrainn.
  • An fheàrr leat an còmhlan sin? ’S fheàrr/chan fheàrr.

 


© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024