Skip to content

Obair ìre 1

A Sheumais, a Sheònag; Anna, Uilleim, Fhearchair; a bhalaich bhig, a chaileig bhig; a chaileagan, a bhalachaibh.

Òrain agus Rannan (Dè thuirt thu?)

Am fac’ thu na Fèidh?

Am fac’ thu na fèidh gu lèir, a Bhoraigean?
Am fac’ thu na fèidh, a Theàrlaich?
Am fac’ thu na fèidh gu lèir, a Bhoraigean?
Suas gu mullach Cnoc Mhàrtainn

Ruidhlidh Boraigean, dannsaidh Boraigean
Ruidhlidh Boraigean Theàrlaich
Aran is ìm dhomh fhìn ’s do Bhoraigean
Suas gu mullach Cnoc Mhàrtainn

 

A Mhàiri Bhòidheach

A Mhàiri bhòidheach ‘s a Mhàiri ghaolach
A Mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort
A Mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi
‘S a dh’fhàg mi brònach gun dòigh air d’ fhaotainn.

A Mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort
Gu tric mi ‘cuimhneachadh ort ‘s mi ’m ònar
Ged a shiubhlainn gach ceum dhen t-saoghal
Bidh d’ iomhaigh bhòidheach ‘tighinn beò gach taobh dhìom.

‘S truagh nach robh mi ‘s mo Mhàiri bhòidheach
Ann an gleannan feòir ‘s ceò air
Ged bu rìgh mi ‘s an Roinn Eòrpa
Chan iarrainn pòg ach o Mhàiri bhòidheach.

Ach chithear fèidh air sgèith sna speuran
‘S chithear iasg air àird nan slèibhtean
Chìthear sneachda tiugh air gheugan
Mum faicear caochladh tighinn air mo spèis dhut.

 

A Pheigi a ghràidh

A Pheigi a ghràidh ‘s tu dh’fhàg mi buileach gun shunnd,
‘S mi seòladh an-dràst’ thar sàil dh’Astràilia null,
Tha ‘n oidhche fliuch, fuar, ‘s mi shuas ga cumail air chùrs,
‘S tu daonnan nam smuain, a luaidh, bhon dhealaich thu rium.

Bhon dhealaich thu rium neo-shunndach m’ aigne gach là,
‘S mi seòladh a’ chuain, ‘s gach uair gam sgaradh od ghràdh,
Ma thug thu dhomh fuath, ‘s nach dual dhomh d’ fhaighinn gu bràth,
Gum faic thu led shùil, a rùin, nach bi mi fad slàn.

Ged ‘s maraiche mi tha sgìth a’ treabhadh a’ chuain,
Bha ‘n iomadach àite is ceàrnaidh, deas agus tuath,
Chan fhaca mi ann tè Ghallta sheasadh riut suas,
A bhean a’ chùil bhàin chaidh àrach an Uibhist nam buadh.

Gun sguir mi den dàn mum fàs sibh uile dheth sgìth,
‘S gun tuig sibh mo chàs ‘s mi ‘n-dràst’ cho fada bho thìr,
Ach an rud tha mi ràdh, gu bràth gun aidich mi fhìn,
‘N taobh tuath Loch a’ Chàrnain dh’àraicheadh cailinn mo chridh’.

 

A Chaluim Bhig

A Chaluim Bhig, a Chaluim Bhig, a Chaluim ‘s tu fo chùram,
‘s e thigeadh dhut bhith d’ earalas is d’ aire thoirt air an iùbhraich:
b’ e siud an turas carraideach nan cailleadh tu do chùrsa,
‘s cha b’ fhuilear don dubh lunndaich na siùil a bhith làn.

Nuair dh’èirich thu sa mhadainn anns a’ chamhanaich bha fèath ann,
dol seachad Port an Tobair bha thu togarrach ga feuchainn;
bu chinnteach bha mise dheth gum biodh tu sna liadhan
mum fuaradh i an Liathanaich beulaibh Loch Làthaich.

Nuair ràinig thu Bun Easain anns an fheasgar ghabh thu an daorach,
cha b’ e siud a b’ aithreach leat ach gun rinn thu caonnag;
chaidil thu do leòr anns a’ chrò bh’ aig NicMhùsaich,
‘s e an snighe dhol ad shùilean a dhùisg thu cho tràth.

Nuair ràinig thu Àird Driseig bha na h-ìgheanan an tòir ort,
chùm iad ann ad chabhaig thu toirt caithream dhaibh air òrain;
do ghillean ‘s iad air bhuidealaich an cuideachd Mhic an Tòisich
‘s chaidh thu thar na còrach ag òl sa Chàrn Bhàn.

 


Cothroman tar-churraicealaim

Dràma
Feumaidh na sgoilearan seasamh ann an cearcall. Feumaidh aon sgoilear èigheachd air cuideigin eile, a’ cleachdadh pàtran na seachdain, agus coiseachd tarsainn air a’ chearcall ga ionnsaigh anns an dòigh aige fhèin, (mar shaighdear, a’ snàgadh, a’ leum air aon chois). An uair sin, nì an sgoilear sin an aon rud agus cumar a’ dol mar seo.

Bòcan
Feumaidh na sgoilearan seasamh ann an cearcall, le aon sgoilear anns a’ mheadhan, Am Bòcan. Bidh am Bòcan a’ glacadh sùil cuideigin agus a’ coiseachd dha ionnsaigh; feumaidh an sgoilear sin ainm cuideigin eile èigheachd a-mach mus tig am bocan.  An uair sin, coisichidh am Bòcan a dh’ionnsaigh an sgoileir sin.

Mur eil e ag èigheachd a-mach ainm mus tig am bòcan, glacaidh am bòcan e agus bidh esan na Bhòcan an uair sin.

Sgrìobhadh
Tha am pàtran seo riatanach airson litrichean agus puist-d a sgrìobhadh.

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024