Mìneachadh
Tha na faclan airson àireamhan anns a’ Ghàidhlig ag obrachadh mar a leanas.
Tha toiseach fhaclan ag atharrachadh às dèidh aon, ach a-mhàin na litrichean d agus t (agus na litrichean nach bi ag atharrachadh san dòigh seo uair sam bith):
- aon pheansail
- aon duine
- aon sgàthan
’S e an riochd singilte a tha a’ tighinn às dèidh dà agus tha toiseach an fhacail ag atharrachadh:
- dà pheansail
- dà dhuine (mhòr)
- dà chaileag (bheag)
[Ann an àireamh bheag de abairtean, mar as trice rudan de bheil a dhà againn, tha meadhan no deireadh an fhacail ag atharrachadh cuideachd: dà chois, dà làimh.]
Nuair a tha iad a’ seasamh leotha fhèin, gheibhear na riochdan seo de 1 gu 10:
- aonan/a h-aon, a dhà, a trì, a ceithir, a còig, a sia, a seachd, a h-ochd, a naoi/naodh, a deich.
- Ceannaich aonan agus faigh a dhà!
Tha an riochd airson còrr is aon rud air a chleachdadh leis na h-àireamhan 3-10 ach a-mhàin le faclan àraidh mar bliadhna, latha no sgillinn (ach chan eil le nota):
- Tha ceithir busaichean aig an sgoil.
- Chosg e ochd notaichean.
- Bha mi ochd bliadhna sa bhaile sin.
- A bheil ochd sgillinn agad?
Le 11-19, ’s e an riochd traidiseanta trì nota deug (ie, am facal san riochd shingilte eadar an àireamh is deug) ach seo am pàtran a tha air a chleachdadh ann am matamataig sgoile:
- trì deug notaichean
- còig deug lathaichean.
Leis na h-àireamhan 21-29 (agus 31-39 msaa), ’s e an riochd traidiseanta: trì bailtean ar fhichead ach seo am pàtran a tha air a chleachdadh ann am matamataig sgoile:
- fichead agus a trì notaichean
- ceathrad agus a còig leabhraichean.
Tha an riochd singilte a’ tighinn às dèidh dusan, ceud, mìle, millean agus fichead–naochad, nuair a tha iad sin leotha fhèin gun àireamh eile às an dèidh:
- ceathrad mionaid ach ceathrad agus a còig mionaidean.
Tha na riochdan seo de 2-10 air an cleachdadh airson daoine a-mhàin (mar as trice):
- dithis, triùir, ceathrar, còignear, sianar, seachdnar, ochdnar, naoinear, deichnear
Tha na riochdan seo de na h-àireamhan air an cleachdadh airson òrdugh rudan a shealltainn:
- a’ chiad, an dara/dàrna, an treas, an ceathramh, an còigeamh, an siathamh, an seachdamh, an t-ochdamh, an naoidheamh, an deicheamh.