Skip to content

Obair ìre 2

Bi, bithibh; cuir, cuiribh; bitheamaid/biomaid; cuireamaid; bitheadh, cuireadh

Gnìomh

Postairean
Faodaidh a’ chlann postairean/sanasan a dhèanamh airson a’ chlas.
me

Èistibh ris an tidsear!                    Bithibh modhail anns a’ chlas!

Bithibh sàmach nuair a tha an tidsear a’ bruidhinn!

Geasag dhraoidheil
Feumaidh a’ chlann geasag a dhèanamh suas gus cumhachd shònraichte fhaighinn, ’s docha comas sgèith, comas tìm a stad, neo-fhaicsinneachd msaa.

Feumaidh na sgoilearan liosta òrdughan a dhèanamh, sgrìobhte mar reasapaidh, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.

 

 


Cothroman tàr-churraicealaim

Eachdraidh – Daoine ainmeil
Coimhead air obair a rinn Heath Robinson. ’S e dealbhadair a bha ann, ainmeil airson dealbhan a dhèanamh air innealan ioma-fhillte airson ghnìomhan sìmplidh.  No faodaidh iad coimhead air pìosan bho Wallace agus Gromit airson beachdan fhaighinn bho na h-innealan aca.

Iarr air na sgoilearan dealbhan a dhèanamh mar seo agus òraid bheag a thoirt dhan a’ chlas air ciamar a thèid obrachadh, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.

Image result for heath robinson

 


Ceòl

‘Illean bithibh sunndach

‘Illean bithibh sunndach
A-null air a’ bhòidse
Fàgail ar dùthcha
Gun dùil ri thighinn beò ann
‘Illean bithibh sunndach
A-null air a’ bhòidse.

‘Illean cridheil gaolach
Togaibh rithe h-aodach
Tha buidheann mo ghaoil-sa
Diardaoin ‘dol a sheòladh.

Gur mise tha gu cianail,
A’ fàgail a’ Chrianain
A’ dol don dùthaich fhiadhaich
A dh’iarraidh ar lòin às.

Tha sinn a’ dol dh’Ameireaga
Far nach bi cùram eil’ oirnn
Cho fad ‘s a mhaireas coille dhuinn
An Eilean Nova Scotia.

 

Faodaidh a’ chlann beagan rannsachaidh a dhèanamh air na h-eilthirich a dh’fhalbh à diofar dhùthchannan a dh’àiteachan mar Ameireaga, Canada, Astràilia agus an leithid.

Dh’fhalbh an duine seo a dh’Alba Nuadh, àite dhan deach mòran Ghàidheil agus far a bheil ceanglaichean dlùth fhathast ann. Dèan rannsachadh air a’ chultar an sin.

Faodaidh a’ chlann paragraf a sgrìobhadh, a’ cleachdadh pàtran na seachdain,
air na chanadh iad ris na h-Eilthirich fhad ’s a bha iad a’ tòiseachadh air an turas fhada aca, no nuair a ruigeadh iad an dùthaich ùr aca.

Bithibh/Fuirichibh (DTT 2)
Duilleagan-obrach – Òrdughan & Madainn Diluain
Tòimhseachain  – Mèirle air a’ bhanca

Geamaichean
Tha Sìm ag ràdh
Cuir suas do làmh
A’ Bhana-bhuidseach/Am buidseach

 

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024