Skip to content

Obair ìre 1

‘S urrainn dhomh dràibheadh.
Chan urrainn dhomh càil fhaicinn.
An urrainn dhan bhalach do chuideachadh?
Cha b’ urrainn dhomh gun gàire a dhèanamh.
Feumaidh sinn a bhith a’ dol ann nas trice.
B’ urrainn dhomh ruith glè luath nuair a bha mi òg.

Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran

Tha Sìm ag ràdh

An tidsear no sgoilear ag ràdh, “Tha Sìm ag ràdh, ‘s urrainn dhomh ruith.”
No “Tha Sìm ag ràdh, chan urrainn dhomh snàmh.”

Ma chanas Sìm, “‘S urrainn…” nì a’ chlann seo. Ma chanas Sìm “Chan urrainn,” cha dèan a’ chlann seo.

Tha iad a-mach ma nì iad rud aig an àm cheàrr.


Gnìomh

Tha an gnìomh seo steidhichte air an òran ‘Is urrainn dhomh comhartaich.’

Is urrainn dhomh comhartaich

Chan urrainn dhomh leughadh,
Chan urrainn dhomh seinn,
Chan urrainn dhomh leughadh,
Chan urrainn dhomh seinn,
Chan urrainn dhomh leughadh,
Chan urrainn dhomh seinn,
Ach ‘s urrainn dhomhsa mialach,
Cò mi? – Cat!
Miau, miau, miau.

Chan urrainn dhomh dannsa,
Chan urrainn dhomh bruidhinn,
Chan urrainn dhomh dannsa,
Chan urrainn dhomh bruidhinn,
Chan urrainn dhomh dannsa,
Chan urrainn dhomh bruidhinn,
Ach ‘s urrainn dhomhsa comhartaich,
Cò mi? – Cù!
Huth, huth, huth.

Chan urrainn dhomh sgrìobhadh,
Chan urrainn dhomh cunntadh,
Chan urrainn dhomh sgrìobhadh,
Chan urrainn dhomh cunntadh,
Chan urrainn dhomh sgrìobhadh,
Chan urrainn dhomh cunntadh,
Ach ‘s urrainn dhomhsa gairm,
Cò mi? – Coileach!
Gog – a doodle – do!

Ionnsaich dhaibh an t-òran gus am bi iad gu math eòlach air. An uair sin, atharraich na facail airson rann eile a dhèanamh agus gabh e. Stad aig “Cò mi?”

Feumaidh a’ chlann tomhais dè th’ ann agus seinn gu an deireadh. Dèan a-rithist e leis a’ chloinn a’ seinn cuideachd.

An uair sin, thoir dhaibh cothroman na rannan aca fhèin a dhèanamh cuideachd

 

Leudachadh

Airson sgrìobhadh, feumaidh iadsan an rann aca fhèin a sgrìobhadh, a’ crìochnachadh le “Cò mi?” An uair sin feumaidh iad dealbh dèn bheathach aca a pheantadh.

Cuir an sgrìobhadh agus an dealbh ri chèile cùl ri cùl agus croch iad uile air pìos sreang a tha dol bho aon taobh gu taobh eile den chlas. Crochaidh iad mar seo mar shreath thoimhseachain airson luchd-tadhail dhan a’ chlas!

Modailean

Faodaidh a’ chlann modailean a dhèanamh le plastasan no stuthan ealain sam bith eile. Tha iad a’ dol a chruthachadh caractar le cumhachdan sònraichte mar superhero.

Nuair a tha iad deiseil, faodaidh iad an sealltainn dhan a’ chlas agus innse dè na cumhachdan sònraichte a tha aige – dè is urrainn dha a dhèanamh.

Faodaidh e a bhith anns a’ phàtran:

“‘S urrainn dha …………” no “‘S urrainn dhi …………”

no

“‘S urrainn do …….. ………”

20 diogan

Feumaidh na sgoilearan nas urrainn dhaibh ainmeachadh air cuspair sònraichte ann an 20 diogan a’ cleachdadh pàtran na seachdain.

m.e.
Rudan as urrainn do Harry Potter a dhèanamh
Rudan as urrainn dhut a dhèanamh ann an amar-snàmh.

Feumaidh iad freagairt ann an seantansan. Gheibh iad aon chomharra airson gach freagairt cheart.


Ball

Cuir tòrr diofar cheistean air ball mòr (tha feadhainn bàn ri fhaighinn bho TTS Blank Catch Ball (£4.99) agus cuir timhcheall e. Nuair a ghlacas cuideigin e, feumaidh iad a’ cheist a tha nas fhaisge air an òrdag chlì aca a fhreagairt.

m.e

“An urrainn dhut fuaim muncaidh a dhèanamh?”
“An urrainn dhut Madainn mhath a ràdh ann am Frangais?”
“An urrainn dhut dannsa Gàidhealach a dhèanamh?”

Ma chanas iad “‘S urrainn,” feumaidh iad an gnìomh sin a dhèanamh.

Dè as urrainn dhut faicinn bhon uinneag agad?

Iarr air a’ chloinn dealbh a dhèanamh bho uinneag cuideigin sònraichte. Faodaidh seo a bhith ceangailte ri cuspair no leabhar air a bheil sibh ag obair.

m.e.
Leanabh anns na h-Ìnnseachan
Croitear aig àm na Fuadaichean
Tearlach òg Stiùbhart
Goldilocks bho thaigh nan trì mathain
m.s.a.a

Feumaidh iad seantansan a’ sgrìobhadh mu dheidhinn, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.

“‘S urrainn dhomh …… fhaicinn.”

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024