Skip to content

Rudan

Aithghearrachd

Tha na faclan airson rudan (agus daoine) a’ leantainn nam pàtran a leanas:

Tha am bòrd glan. [Faclan fireannta]

  • am bòrd, an cat
  • an sruth, am feadan
  • an t-aran, an t-òran

Tha leabhar air a’ bhòrd.

  • air a’ bhòrd, anns a’ chàr
  • air an t-sèithear, anns an t-sruth
  • leis an òrd, leis an fheadan
  • aig an doras, anns an sgioba

Tha an dràibhear ri taobh a’ chàir.

  • còta a’ bhalaich, earball a’ chait
  • fonn an òrain, a’ cluiche an fheadain
  • ri taobh an t–sèitheir
  • air cùl an dorais, ri taobh an teine
  • mullach an taighe
  • mullach taigh a’ bhodaich
  • doras càir, a’ dràibheadh càr

Tha a’ chaileag snog. [Faclan boireannta]

  • a’ bhròg, a’ chaileag
  • an uinneag, an uiseag
  • an fheòrag, an fheusag
  • an t-sràid, an t-sròn
  • an deoch, an tunnag
  • an luch, an sgoil

Tha am bèibidh a’ cluiche ris a’ phiseig.

  • air a’ bhròig
  • aig an uinneig
  • air an t-sràid
  • air an duilleig

Tha mi a’ cluinntinn clag na sgoile.

  • earball na muice
  • fuaim na sràide
  • solas na h-uinneig(e)
  • ugh tunnaig(e)
  • a’ glanadh uinneag

Peansailean, leabhraichean agus pinn [Còrr is aon rud]

  • adan, brògan
  • leabhraichean
  • balaich, cait, solais, pinn
  • bogsa mhaidsichean
  • preasa chupannan.

Tha na balaich a’ cluiche ball-coise.

  • na balaich – do na balaich
  • na h-adan – leis na h- adan
  • sàil nam brògan
  • taigh-beag nam balach
  • Radio nan Gàidheal

 


© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024